English summary below
Air Dimàirt, an 14mh dhen Mhàrt, chuir Ionad Eòlas na h-Alba is na Ceiltis fàilte air an Dotair Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, à Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Fhuair an Dotair Stiùbhart a’ chiad ceum aige ann an cuspairean clasaigeach aig Oilthigh Oxford agus tha PhD aige bho Roinn na Ceiltis agus Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann. ’S e òraidiche a th’ ann aig Sabhal Mòr Ostaig a-nis, agus esan a’ rannsachadh Eachdraidh tràth-nuadh-aimsireil agus nuadh-aimsireil na Gàidhealtachd. B’ e cuspair na h-òraid aige ‘A bheil àite ann dha tùsan Gàidhlig ann an eachdraidh na Gàidhealtachd?’
Thug an Dotair Stiùbhart iomradh air staid raon sgoilearail Eachdraidh na h-Alba, a’ sealltainn air dà “thrioblaid” gu h-àraid: dòighean-obrach nan rannsaichean Eachdraidh agus am fòcas a th’ aig rannsaichean nan cuid obrach. Thuirt an Dotair Stiùbhart gu bheil rannsaichean Eachdraidh na h-Alba feumail air a bhith a’ toirt ceum air ais bhon obair aca agus a’ gabhail beachd air cèisean-mìneachaidh air no interpretive frameworks. Mhìnich e gu bheil an sealladh positivist air a bhith gu math cumhachdach am measg an t-seann ghinealach de sgoilearan Eachdraidh na h-Alba, is iad a’ dol an aghaidh an t-sealladh romansach a bh’ aig Eachdraidh na h-Alba roimhe sin ann am meadhan na ficheadamh linne. Ged a tha sin a’ ciallachadh gu bheil beartas de dh’fhianais eachdraidheil ann a chruinnich na rannsaichean seo, ghabh an Dotair Stiùbhart ris a’ bheachd gu bheil methodological sophistication fhathast a dhìth san raon rannsachaidh seo.
Chomharraich an Dotair Stiùbhart nach eil an t-uabhas ann mu chultar nan Gàidheal air neo a’ Ghàidhlig anns na teagsaichean as aithnichte mu Eachdraidh na h-Alba air fad. Mhìnich e gu bheil iomadh adhbhar ann airson dìth Ghàidhlig ann an Eachdraidh na h-Alba, nam measg an cuideam a chuireadh rannsaichean eachdraidh air figearan seach cànanan sna linntean a dh’fhalbh. Bha e cuideachd ag ràdh gun robh cus aire air a bhith air na h-uachdaran seach dualchas na tuatha. Cuideachd, bhathar a’ measadh nan tùsan Gàidhlig, an leithid òrain, sgeulachdan, agus naidheachdan an t-sluaigh doirbh dèiligeadh riutha bhon t-sealladh positivist seo. Chuir an Dotair Stiùbhart cuideachd an coire air an t-sealladh a bhios a’ coimhead air Alba mar dhùthaich gun chrìochan dualchasach làidir air an taobh a-staigh, agus air an “t-seann tàir an aghaidh nan Gàidheal fhèin.” Thug e cuideachd iomradh air a’ chuideam a chuireas luchd-eòlais air an t-Soillseachadh Albannach mar “founding myth.”
Mhìnich an Dotair Stiùbhart gu bheil an sealladh seo ag atharrachadh san aonamh linn air fhichead agus an ginealach ùr de luchd-eachdraidh nas deònaiche dèiligeadh ri eachdraidh shòisealta agus cèisean-mìneachaidh ùra a chur gu feum. Tha esan dòchasach gun toir seo àite do thùsan Gàidhlig ann an rannsachadh Eachdraidh na h-Alba anns an àm ri teachd.
Chuir an Dotair Stiùbhart crìoch air an òraid aige le bhith a’ toirt sùil air ciamar a dh’fhaodar seallaidhean a thaobh àite nan Gàidheal ann an Eachdraidh na h-Alba a leasachadh. Tha còir againn a bhith a’ tuigsinn cho nuadh-aimsireil agus soifistigeach ’s a tha dualchas nan Gàidheal. Cuideachd, tha mòran sa chumantas eadar cultar nan Gàidheal agus cultaran dùthchail eile air feadh taobh siar na Roinn Eòrpa. Thuirt e gu bheil mòran againn ri ionnsachadh o chèisean-mhìneachaidh eile a bhios gan cleachdadh ann an diofar roinnean dhan chruinne
Gu dearbh, thug an Dotair Stiùbhart mòran dhan luchd-èisteachd aige air am biodh iad a’ cnuasachadh. Bha e na thlachd mhòr a bhith ag èisteachd ris na smuaintean aige air a’ chuspair thoinnte seo, air an cur an cèill ann an dòigh eirimseach agus siùbhlach. Ar ceud taing don Dotair Stiùbhart airson tighinn thugainn gus òraid air leth a chur far comhair.
Kathleen Reddy
Oileanach MRes, Ceiltis agus Gàidhlig
English Summary
On March 14, 2017, Dr. Domhnall Uilleam Stiùbhart of Sabhal Mòr Ostaig, University of the Highlands and Islands, gave a lecture in Gaelic to the Centre for Scottish and Celtic Studies. His talk was entitled ‘A bheil àite ann dha tùsan Gàidhlig ann an Eachdraidh na Gaidhealtachd?’ (‘Is there a place for Gaelic sources in the history of the Gàidhealtachd?’) Dr. Stiùbhart’s wide-ranging talk concerned the nature of historiography and historiographical debate in regard to the history of the Gàidhealtachd.
Simultaneous English translation was provided by Beathag Mhoireasdan.
Summary by Kathleen Reddy, MRes Celtic and Gaelic
Our final seminar for this semester will take place Tuesday, 28 March. The Third Annual John Durkan Memorial Lecture will be given by Prof Roger Mason (University of St. Andrews), who will discuss ‘Patriotic Propaganda During the Rough Wooing: The Complaynt of Scotland (1549)’. This will be held at 5.30pm in the Lecture Theatre (Room 208) of the Sir Alexander Stone Building, 16 University Gardens. Tea and coffee will be provided outside of the lecture theatre from 5pm, and the lecture will be followed by a wine reception. All welcome!